Le Donnchadh MacCàba
B’ ann aig toiseach nan 70an a thàinig an leabhar ‘Scotch on the Rocks’ a-mach. An ath-bhliadhna, rinn am BBC sreath dràma dheth agus chraol iad e mar ‘prime-time viewing’. Agus dè bh’ anns a’ chuspair aig an leabhar is prògram dràma? Dè eile a chàirdean ach eastramaichean nàiseantach ann an Alba a bha a’ cleachdadh dòighean fòirneartach gus neo-eisimeileachd a thoirt gu buil. Nach robh na h-eastramaichean fiù ’s a’ cleachdadh na Gàidhlig mar fhacal-faire – “Dèan seirbheis don t-sluagh”. Dìreach aon de na smuaintean aig Mao.
Chaidh an leabhar a sgrìobhadh le Dùghlas Hurd, rùnaire prìobhaideach aig Ted Heath a bha na cheannard air a’ Phàrtaidh Thòraidheach aig an àm. Deich bliadhna às dèidh sin fhuair Hurd dreuchd Rùnaire na Dùthcha fo stiùir Mairead Thatcher.
Leth-cheud bliadhna às dèidh sin, tha am Prìomh Mhinistear fhèin a’ smàdadh Nàiseantaich ann an Alba le “anabarrachas” no “eastramachas”. A dh’innse na fìrinn, chan eil ùidh agam ann an càil sam bith a th’ air a spùtadh à beul Rishi Sunak ach bu chòir dhuinn a’ cheist a chur – carson a thuirt e sin agus aig an àm seo?
Leis gu bheil am Pàrtaidh Nàiseanta ann am fior staing a rinn iad orra fhèin, nach b’ urrainn dha an leigeil seachad? ’S dòcha gun robh e fhèin, agus a charaidean anns na gnìomhachasan mòra, a’ smaointinn gur e cothrom air leth a bh’ ann, mu dheireadh thall, cur às don iomairt airson neo-eisimeileachd gu bràth, no aig a’ char as lugha, ar stòrasan, gu h-àraidh lùth ath-nuadhachail, a ghoid mar a rinn iad anns na 70an le ar n-ola agus gas.
Gu dearbh, nach d’ fhuair am buidheann Commonweal a-mach gu bheil eaconamaidh na h-Alba a’ call £12.1 billean gu luchd-earrann cèin gach bliadhna bhon àm a chaidh Pàrlamaid na h-Alba a stèidheachadh? Nach bi cùisean nas miosa anns an àm ri teachd nuair a bhios am beartas bho na tuathanasan-gaoithe aig muir a’ sruthadh a-steach dha cunntasan-banca nan companaidhean mòra far cladaich?
Bha e riamh feumail do riaghaltasan is stàitean de gach seòrsa a bhith a’ lorg nàimhdean air an taobh a-muigh (Ioran, an Ruis agus msaa) agus an taobh a-staigh (seo sinne a chàirdean) airson smachd a chumail air an t-sluagh. Creideadh sibh gu bheil iad an dòchas na Nàiseantaich a shadail air iomall saoghal na poilitigs às dèidh deich bliadhna aig an teis-mheadhain fhad ’s a tha iad a’ siolpadh saoibhreas dhaibh fhèin.
A bharrachd air faclan ge-tà tha iad a’ cleachdadh dòigh eile, a tha fada nas cudromaiche, a chur stad air an iomairt airson neo-eisimeileachd. Le bhith a’ diùltadh cothrom air reifreann ùr tha iad a’ feuchainn ri an iomairt fhàgail aig an iomall radaigeach. Às aonais cothroim dheamocrataich, am feum luchd-iomairt dòighean eile a chleachdadh air atharrachaidhean bunaiteach a dhèanamh? Ach an uair sin bhiodh e na b’ fhasa dha na Tòraidhean ’s an leithid bileag “eastramachas” a chur orra.
An dèan Tòraidhean Shasainn an gnothach ma-thà? An ann air na creagan corrach a tha sinn a-nis? Uill, aig deireadh an leabhair Scotch on the Rocks, às dèidh tòrr dhuilgheadasan, nach ann a thàinig Alba gu bhith mar dhùthaich neo-eisimeileach? Ach airson ’s gun tachair sin ann an da-rìribh sna làithean seo, feumaidh ar luchd-poilitigs SNP, Alba ’s na h-Uainich an diofaran a chur an dàrna taobh airson greis agus obair còmhla ’s gu h-èifeachdach gus ar saorsa a bhuannachadh. A chòrr air seo ge-tà, tha e dìreach ro chudromach gu bheil sinne uile, am poball fhèin, “le èiginn ar n-èirigh às ar suain”.*
Air a dheasachadh le Steaphan MacRisnidh
*”Le èiginn ar n-èirigh às ar suain” faclan a sgrìobh an còmhlan-ciùil Runrig o thùs.
