Beiridh blàths air luaths

(Pàirt a h-Aon)

Anns an artaigeil leis an daonn-eòlaiche Sharon Macdonald air a bheil ‘A Bheil am Feur Gorm Fhathast?’, air an tug Bateman ’s Purser iomradh anns an leabhar acasan cuideachd (t-d 19-20), sgrìobh MacDonald (t-d 190):

Gaelic is being brought into the modern world – and rightly so, it might be argued. However, the dilemma here is that Gaelic could end up as simply an alternative set of labels – or a code – for an English or perhaps more generally European or ‘Western’ way of seeing, rather than offering an alternative ‘window’ onto the world, as it has sometimes been claimed to do. We could find ourselves in a paradoxical situation where, as ever more Gaelic terms are devised to cope with the contingencies of modern life, new technologies and so forth, a distinctive Gaelic way of perceiving and experiencing the world – a distinctive Gaelic system of cultural classifications — might slip away.

Bidh eòlas aig gach duine a bha ann an clas Gàidhlig air an iongnadh a ghabhas luchd-tòiseachaidh nuair a chluinneas iad mar a tha dathan Gàidhlig eadar-dhealaichte neo rudeigin eile mar seo. Agus, bidh fios aig a h-uile neach-tòiseachaidh dè cho doirbh ’s a tha e a bhith a’ smaoineachadh ann an dòigh Ghàidhealach seach a bhith ag eadar-theangachadh bho agus gu Beurla nar n-inntinn nuair a bhios sinn a’ cleachdadh na Gàidhlig (’S e eisimpleir den dòigh sam bithear a’ cleachdadh na Gàidhlig le inntinn Bheurla a th’ anns an sgrìobhadh seo fhèin!). Tha an comas air dòigh smaoineachaidh ’s sealladh nan Gàidheal a theagasg do luchd-ionnsachaidh na chomharra de shàr-thidsear. Bidh na deagh thidsearan a’ teagasg bàrdachd, sgeulachdan, ceòl ’s ainmean-àite do na h-oileanaich cuideachd gus ont-eòlas Gàidhlig a shealltainn dhaibh.  Cuideachd ’s e cnag na cùise gur h-i a’ Ghàidhlig fhèin a’ phrìomh dhòigh air tuigse fhaighinn air an ont-eòlas Ghàidhealach.

Chuala mi còrr is aon uair gu bheil daoine ann aig nach eil Gàidhlig ach a tha cho Gàidhealach fhathast a chionn ’s gun deach an togail ann an coimhearsnachd Gàidhealach neo ann an teaghlach de Ghàidheil agus iad a’ smaoineachadh ann an dòigh Ghàidhealach ged a bhios iad a’ bruidhinn Beurla. Nach faodadh e bhith comasach smaoineachadh ann an dòigh Ghàidhealach ged a bhruidhnear cànan eile?

Mar eisimpleir, ann an Window to the West, bhruidhinn na h-ùghdaran air feallsanaichean Gàidhealach bho Pelagius gu Eriugena agus o Seán Ó Tuathaláin gu Dòmhnall is Iain Baillie.

Ged a bha a’ Ghàidhlig aca, cha do sgrìobh na feallsanaichean seo na leabhraichean aca sa Ghàidhlig, ach a-rèir Window to the West bha iad a’ sgrìobhadh ann an dòigh Ghàidhealach fhathast. Ach, a-rithist, a-rèir cunntas-sluaigh 2022, tha coimhearsnachdan Gàidhealach agus teaghlaichean de Ghàidheil anns a bheil Gàidhlig làidir ’s fileanta a’ fàs nas lugha. Shaoilinn gum biodh e doirbh a’ Ghàidhlig a chumail gun a bhith dìreach mar chòd airson Beurla. A bheil an dòigh smaoineachaidh Ghàidhealach a’ dol à sealladh?

Am bi Gàidhlig no Albais no cànanan eile feadh an t-saoghail a’ fas nan tràillean fo Bheurla? Tha mi airson a ràdh nach eil e cho simplidh sin. Is cinnteach gu bheil Alba agus saoghal na Gàidhlig ag atharrachadh ach san linn teicneòlais againn leis an eòlas Copernican nach ann a tha a h-uile rud ag atharrachadh? Tha an saoghal ùr-nòsach cunnartach do na mion-chànain ’s mion-chultaran ach tha cothroman ann fhathast cuideachd – cothroman airson coimhearsnachdan neo saoghalan ùra a chruthachadh, cothroman airson ontan-eòlais ùra a thogail.

Ri a leantainn…

Le Connor Eckersall (Oileanach PhD aig Oilthigh Cill Rìmhinn – cje4@st-andrews.ac.uk)


Sgrìobh beachd