Film bharr-na-glùine ann an Èirinn

Lèirmheas Film: Kneecap (2024) – “Tha Gach Facal Na Pheilear”

Nochd film ùr sònraichte o chionn goirid air a bheil Kneecap, an dearbh ainm air a’ chòmhlan-ciùil rap a tha mar chuspair an fhilm fhèin. Ged a rinneadh ceòl rap agus filmichean le Gaeilge romhpa, tha seo rudeigin sònraichte, oir buinidh iad do dh’Èirinn a Tuath far a bheil iad gu math ainmeil an-dràsta. Thuige seo,  chaidh am film ùr aca a shealltainn aig fèisean mòra air feadh an t-saoghail, agus bhuannaich e duais aig Sundance.

Cha do rinn duine eile deargadh cho mòr air cultar ùr-nòsach na Gaeilge agus na rinn an triùir seo à Beul Feirste: Mo Chara no Liam Ó Hannaidh, Móglai Bap no Naoise Ó Cairealláin, ’s DJ Próvai no JJ Ó Dochartaigh. Tha an ceòl aca a’ taisbeanadh saoghal na h-òigridh am Beul Feirste le pàrtaidhean, ag òl cus, a’ gabhail drugaichean, a’ bruidhinn Gaeilge, a’ ruith bho na Peelers, a’ gabhail tuilleadh drugaichean, agus a’ dèiligeadh ris an eachdraidh throm. Chan eil dragh orra oilbheum a thoirt do dhuine sam bith, biodh e do na dìlsich Bhreatannach no na poblachdaich radaigeach Èireannach.

Tha am film ùr ag innse sgeulachd mun dòigh a thàinig Kneecap gu bith. Dh’fhairich mi gun robh am film na b’ ùghdarail air sgàth ’s gun do chluich an triùir ghillean iad fhèin. Chan eil mi cinnteach dè cho dlùth ris an fhilm ’s a tha am beatha dha-rìribh, ach nam biodh eadhon leth na fìrinn san fhilm, ’s e beatha chraicte a bhiodh aca co-dhiù. Chan fhoillsich mi spoilers ach chì thu mòran pàrtaidhean, drugaichean, Peelers agus daoine a’ bruidhinn ‘s a’ rapadh ann an Gaeilge. Tha cleasaichean aithnichte ann cuideachd mar Michael Fassbender a chluich Arlo, athair Naoise agus saighdear IRA. Bidh Arlo ag ràdh ri Naoise ‘s Liam nuair a bhios iad gu math òg: ‘tha a h-uile facal Gaeilge a labhras sibh na pheilear air a losgadh airson saorsa na h-Èireann’ ─ abairt a tha bitheanta am measg Poblachdaich na h-Èireann.

Thug am film mòran chuspairean cudromach gu aire. Mar eisimpleir, a bheil na sgoiltean a’ teagasg Gaeilge ann an dòigh mhath? Tha mòran dhaoine dhen bheachd nach eil.

Co-dhiù no co-dheth, an roghnaicheadh duine eile gus seo atharrachadh le bhith a’ cur orra balaclàbha uaine, orains, is geal air aodann, a’ snotadh cocain is ceatamain, a’ cluich ceòl rap Gaeilge anns a’ bhàr agus a’ sealltainn don luchd-èisteachd gu bheil ‘Brits out’ sgrìobhte air a mhàs? Uill, seo na rinn JJ san fhilm agus na fhìor bheatha cuideachd, ged nach eil mi cinnteach an e tidsear-ciùil aig sgoil Ghaeilge a bh’ ann an da-rìribh. Ach dè a’ phuing as motha? Nach i a’ cheist dè an dòigh as fheàrr a bhith a’ togail na Gaeilge?

Nach e sin ceist chudromach don a h-uile mion-chultar a tha suidhichte ann am mòr-chultar?  An tèid a cumail glan ’s seann-nòsach cho mòr ’s a ghabhas, air neo an tèid e an taobh eile le bhith a’ fàs mar haidhbread ’s annasach? An e brathadh ‘Adhbhar’ nan Èireannach a th’ anns na drugaichean is na pàrtaidhean is a’ dèanamh suas ri tè Phròstanach? Innsidh am film dhut am beachd aig Kneecap.

Ma tha gach facal Gaeilge na pheilear, ’s e boma mòr a th’ anns an fhilm fhèin ann an seadh math ─ gun ainneart neo reatadh ìosal. Leis a’ bhoma sin, rinn Kneecap an geata a spreadhadh fosgailte le blosg! ‘S tric a bhios iad air an TBh a’ bruidhinn mu dheidhinn Palastain, colonachd, poilitigs, agus suidheachadh Èirinn a Tuath. An-dràsta fhèin tha mòran dhaoine òga ag èisteachd ri òrain Ghaeilge. Am fàs an cothrom seo nas motha ’son na Gaeilge? An e Kneecap deagh eisimpleir don òigridh? Cò aig a tha fios! Gidheadh, dhearbh iad nach eil spiorad Gaeilge Èirinn a Tuath ro sgìth neo ro shean fhathast.

Le Connor Eckersall

(air a dheasachadh le Steaphan Mac Risnidh)


Sgrìobh beachd