Le Donnchadh MacCàba
Chan eil mòran math mu dheidhinn a bhith a’ fàs suas ann am bliadhnaichean ach ’s dòcha bus pass fhaighinn ma tha thu airson a bhith a’ siubhal thairis air feadh ar dùthcha. Agus nach eil tòrr rudan iongantach rim faicinn ann?
Tha clàr na tìre còmhdaichte le stèiseanan-cumhachd uisge anns na glinn, stèiseanan-cumhachd niùclasach an-siud ’s an seo, tuathanasan-gaoithe air na slèibhtean, agus aig muir tha na mìltean a bharrachd de chrainn-ola, agus ann an ùine gun a bhith cho fada, chì sinn crainn-dealain mòra mar fhuamhairean acrach a’ toirt an dealain, agus na prothaidean, air falbh gu Sasainn agus nas fhaide às buileach dha bancaichean far-chladaich nan companaidhean mòra, fhad ’s a bhios sinn gun chomas air ar dachaighean a chumail blàth.
Deich bliadhna às dèidh Reifreann Neo-eisimeileachd na h-Alba, nach eil e gu math follaiseach gun do chaill sinn cothrom air leth gus dùthaich nas fheàrr a thogail? Tha cuimhne mhath agam air an dòchas a bha timcheall oirnn aig an àm sin. Ach sna làithean seo tha e doirbh dòchas sam bith fhaicinn leis a’ Phàrtaidh Nàiseanta a’ tuiteam às a chèile agus briseadh-dùil aig a’ phoball mu na Làbaraich mu thràth mar thoradh air na poileasaidhean cruaidh aca a thaobh luchd-peinnsein.
Is cinnteach gu bheil cùisean a’ sìor fhàs nas miosa agus airgead is dòchas a’ sìor fhàs nas gainne leis gach latha a thèid seachad. Mar a tha is mar a bha às dèidh an reifreinn eile a thachair ann an 1979 agus mas math mo chuimhne, air an riaghaltas a thàinig ’na lorg fo smachd Mairead Thatcher agus na dochannan a rinneadh air gnìomhachas agus a’ chlas-obrach. Ach an ceann fichead bliadhna dh’fhosgladh a’ Phàrlamaid ùr ann an Dùn Èideann agus bha cothrom againn air an ath-cheum a ghabhail.
Nise, chan eil mi airson deichead eile a chur seachad a’ feitheamh gus am fosgail Pàrlamaid neo-eisimeileachd, ach aig ceann gnothaich, b’ fheàirrde sin na bhith fo smachd Lunnainn gu bràth. ’S ann ann an suidheachadh duilich is doirbh a tha sinn an-dràsta ach chan eil e do-dhèanta a bhith ga atharrachadh. Tha an t-uabhas againn ri dhèanamh mus tig làithean nas fhèarr agus bu chòir dhuinn tòiseachadh an-diugh.
