Am Mòd: Sùil air Ais

Le Donnchadh MacCàba

Anns a’ chiad dol a-mach, bu chòir dhomh ràdh nach robh mi a-riamh aig Mòd Nàiseanta Rìoghail mus deach mi don Òban am-bliadhna. Uill, a dh’innse na fìrinne, chaidh mi a Pheairt dà bhliadhna air ais ach dìreach airson aon fheasgar a-mhàin agus cha do dhearg e orm idir.

An turas seo ge-tà, chuir mi ceithir latha seachad anns an Òban agus cha mhòr nach do chòrd gach diog rium gu mòr. ’S e baile brèagha a th’ anns an Òban co-dhiù, ach a bharrachd air sin bha an t-sìde uabhasach fhèin math a’ chuid bu mhotha den ùine agus nach robh na sràidean loma-làn de mhuinntir a’ Mhòid.

Cho math ’s bha e ar cànan a bhith ri cluinntinn anns na sràidean, anns na cafaidhean agus anns na taighean-seinnse agus fiu ’s ann an Tesco! Fad ceithir latha bha iomadh cothrom agam air mo chuid Gàidhlig a chleachdadh ann an dòigh gu math nàdarra. Gun teagamh, b’ e sin an rud a b’ fheàrr dhòmhsa mu dheidhinn a’ Mhòid. 

B’ e Farpais Dràma a’ Mhòid an tachartas as tlachdmhor dhomh agus cho èibhinn agus spòrsail ’s a bha na dealbhan-chluiche. Cha creid mi gun robh an fharpais seo buileach cho farpaiseach an coimeas ris na farpaisean a thaobh ceòl agus seinn a bha a’ dol ann an àiteachan eile agus feumaidh mi ràdh gur e rud math a bha sin. Gu dearbha, b’ ann anns na h-àiteachan eile far nach robh mi a’ cluinntinn na Gàidhlig cho tric ’s a bha mi air an oidhche drama no aig na tachartasan eile air latha litreachais.

A dh’aindeoin gur e ‘Ar Cànan ’s Ar Ceòl’ a’ ghairm-shluaigh aig a’ Chomunn Ghàidhealach, leis a’ chànan aig toiseach gnothaich, tha e follaiseach gu bheil am Mòd fhèin air a bheò-ghlacadh le ceòl seach cànan. Nise, chan eil mi ag ràdh nach bu chòir dhuinn seann òrain a ghabhail idir idir. Tha seo cho cudromach sa ghabhas gus ar n-eachdraidh agus ar dualchas a chumail nar cuimhne ach, nam bheachd-sa, tha e fada nas cudromaiche òrain ùra agus sgeulachdan ùra agus bàrdachd ùr agus drama ùr a chruthachadh gus ar cànan a chumail beò san latha an-diugh agus anns an àm ri teachd. Gun chànan – gun cheòl (no òran co-dhiù) mar a thuirt am fear eile.

Ach bha mi toilichte a mhothachadh gu bheil ar cànan air teanga na h-òigridh, rudeigin a chaidh a  dhearbhadh dhomh Diardaoin agus mise a’ gabhail sgrìob ann an Cearara, an t-eilean beag brèagha taobh thall a’ chaolais bhon Òban. A’ coiseachd sìos gu ceann deas an eilein agus seann chaisteal nan Dùghallach, thàinig triùir clann-nighean, ’s dòcha còig gu seachd bliadhna a dh’aois, dham ionnsaigh ’s coltas Katie Mòrag orra leis na wellies agus na geansaidhean Fair Isle. Mar sin, thuirt mi “Halò, madainn mhath” dhaibh agus leis an aodainnean beaga gleansach a’ coimhead suas orm, fhreagair iad rium sa bhad agus mar aon ghuth, “Madainn mhath”. Nach do thog sin mo chridhe agus gàire a chur air m’ aodann fhìn an còrr den latha.

Chan eil rudan a tha cho math air teanga phàistean dìreach cho drùidhteach ann am beul inbhich ge-tà. Madainn Disathairne aig cruinneachadh nan còisirean uile anns a’ cheàrnaig taobh a-muigh an stèisein-rèile, cha chuala mi mòran Gàidhlig a’ tighinn bho na h-inbhich air an àrd-ùrlar ach “madainn mhath” agus a leithid an-siud ’s an-seo gus an do rinn ceannard Comhairle na Gàidhealtachd òraid sa’ Ghàidhlig gu lèir – mar bu chòir – aig deireadh gnothaich. Ach cha chreid mi gun robh tuigse air na faclan aig letheach nan seinneadairean a bha an làthair.

‘S dòcha gum bi atharrachaidhean a’ tighinn air còisirean Gàidhlig, agus air Là Mòr nan Còisirean Sgìreil, tron cho-chomhairle a bha a’ dol an-uiridh agus a tha a’ dol fhathast, gu seachd àraid a thaobh prògram-cànain ùr a tha eadar-dhealaichte bhon t-siostam-chairtean nach eil soirbheachail no èifeachdach gu leòr. Chì sinn dè thachras.

Ach chan eil mi airson a bhith ri cus gearain. Tha seachdain a’ Mhòid uabhasach fhèin cudromach agus tlachdmhor do luchd-labhairt na Gàidhlig. A bharrachd air sin, bha e follaiseach gun robh e dìreach cho cudromach agus tlachdmhor do mhuinntir an Òbain agus ’s cinnteach gun tug am Mòd buaidh mhòr mhath air eaconamaidh an àite. ’S cinnteach cuideachd gun tèid mi chun a’ Mhòid an ath-bhliadhna agus an dòchas gum faic mi ann an Loch Abar sibh!


Sgrìobh beachd