Tha oighreachd Baile na Mòna, no Balnamoon mar a tha e air a chlàradh air na mapaichean, suidhichte faisg air Breichin ann am Machair Aonghais. Aig àm Bliadhna Theàrlaich, b’ e Seumas Carnegie an t-uachdaran oirre. Bha esan na Sheumasach gu a smior agus ghabh e ann an Rèisimeid Chlann MhicIlleBhuidhe (Ogilvie) mar oifigear.
Chaidh an Rèisimeid fhèin a thogail, agus bha còrr is mìle saighdear an làthair, ann an Srath Mòr is Dùn Dèagh agus ann an glinn Aonghais. Lean iad am Prionnsa Teàrlach gu Derby – agus air ais a dh’Alba – anns a’ gheamhradh 1745/46. Aig toiseach a’ Ghearrain 1746, bha iad a’ caismeachd tron t-Srath Mhòr gus an do ràinig iad Gleann Clobha. Chuir iad dà latha seachad a’ tadhal air na teaghlaichean anns na dachaighean aca fhèin, mus do ghabh iad na seann slighean thar a’ mhonaidh a Ghleann Muice agus an uair sin fada gu tuath a Mhoireibh agus a dh’ionnsaigh na bha an dàn dhaibh aig Cùil Lodair.
Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil a’ mhòr-chuid de na daoine san latha an diugh a’ creidsinn gun deach na feachdan Seumasach gu lèir a ruagadh às dèidh Blàr Chùil Lodair. Gu dearbh, chaill iad am blàr agus rinn am Bùidsear agus am feachd aige sgrios air feadh an àite a’ cur nan ceudan dhiubh gu bàs, ach bha còig mìle de na saighdearan Seumasach air teiche air falbh gu Taigh-feachd an Ruadhainn (Ruthven Barracks) gus òrduighean ùra fhaighinn. Bha iad misneachail gun deigheadh aca air cumail a’ dol leis an ar-a-mach. Às dèidh latha no dhà ge-tà, thàinig naidheachd gun robh am Prionnsa fhèin a’ feuchainn ri tilleadh dhan Fhraing agus bha an t-ar-a-mach seachad.
An ath-latha, thòisich Rèisimeid Chlann MhicIlleBhuidhe air tilleadh dhachaigh troimh Ghleann Fèisidh, ann an deagh òrdugh agus fo bhratach na rèisimeid, a’ ruigsinn Baile Mhoireil aig dol fodha na grèine. Chuir iad an oidhche seachad ann mus do thriall iad a Ghleann Clobha. Chaidh an leigeil air falbh an siud. Thill a’ mhòr-chuid de na saighdearan àbhaisteach gu na dachaighean aca an dòchas gum biodh iad sàbhailte gu leòr ach cha b’ urrainn dha na h-oifigearan an aon rud a dhèanamh. Bha iadsan ann am fìor chunnart, oir chuireadh an Riaghaltas an grèim iad le cinnt.
Chuir Seumas Carnegie roimhe a dhol am falach. Bho Chlobha, chaidh e thar a’ mhonaidh chun an ear-thuath. Cha robh e air còtaichean-dearga fhaicinn idir ach bha e an dùil gum biodh iad ga shireadh. Bha e eòlach air an sgìre iomallach seo mar chùl a làimhe agus nuair a ràinig e Gleann Marc, fhuair e lorg air uamh bheag far am b’ urrainn dha fuireach airson greis. Thog e clachan airson beul na h-uaimhe a dhèanamh nas lugha. Chuir e còinneach air muin nan clachan ùra.
Am falach air a’ bhràigh am measg nan clach mòra agus loma-làn de fhraoch is raineach, bhiodh e gu math doirbh dha na saighdearan-dearga a lorg. Chitheadh e duine sam bith a’ tighinn a-nìos an gleann air astar fada. Bha e dòchasach gum biodh e cho sàbhailte ’s a ghabhadh ann. A bharrachd air sin, b’ ann ri taobh eas àlainn ’s linne bhrèagha a bha an uamh. Bha am bùrn glan is fionnar agus coltas gum biodh e freagarrach ri òl.
Bha clachan beag aig beul a’ ghlinne agus cha robh Caisteal Inbhir Marc ach trì no ceithir mìltean air falbh. Bha e cinnteach gum biodh a chàirdean deònach air a chuideachadh. Agus sin mar a thachair. Chuireadh e seachad ùine aig a’ chaisteal nam biodh cùisean sàmhach agus sàbhailte, ach nan tigeadh na saighdearan-dearga faisg air a’ ghleann, thilleadh e dhan uamh. Bheireadh muinntir a’ ghlinne biadh dha nuair a bhiodh e a’ fuireach anns an uamh. Shir na saighdearan air a shon ach cha do lorg iad e no an uamh aige.
Às dèidh timcheall air bliadhna am falach ge-tà, chuala am ministear ionadail mu na bha dol anns a’ ghleann agus chuir e brath gu na saighdearan Hanobharach. Ghlac iad Seumas Carnegie eadar a’ chaisteal agus an uamh. Chaidh “Baile na Mòna” a chur sa phrìosan ann an Lunnainn. Ach, air adhbhar air choireigin, cha robh fianais gu leòr aig a’ chùirt gum b’ esan an duine ceart. Chaidh na casaidean a chùl-ghairm agus b’ fheudar don riaghaltas a leigeil ma sgaoil ann an 1748.
Tha an uamh air a clàradh air mapa OS ach a dh’aindeoin sin chan eil i furasta a lorg.
Tha a’ bhratach a bh’ aig Rèisimeid Chlann MhicIlleBhuidhe ri faicinn ann an Gailearaidh Mhic Mhànais, Dùn Dèagh. Chaidh a’ bhratach a chur am falach às dèidh a’ bhlàir ann an taigh faisg air A’ Cheathramh Mhòr (Kirriemuir) le Caiptean John Kinloch a ghiùlain e aig Cùil Lodair. Chaidh a lorg ann an 1920. Tha a’ bhratach seo gu math prìseil bhon a chaidh gach bratach eile a losgadh ann an Dùn Èideann leis an Riaghaltas.
Le Donnchadh MacCàba
Flicheataidh, Srath Narann is coin-chaorach mo sheanar