Le Connor Eckersall
Anns a’ phìos mu dheireadh, bha sinn a’ bruidhinn mun leabhar Window to the West ’s an t-ont-eòlas Gàidhealach. Tha na h-ùghdaran a’ moladh ceangal eadar dòigh-smuaineachaidh Ghàidhealach, mar a thuigeas na Gàidheil an suidheachadh aca sa chosmas, agus cultar lèirseach, mar a bhios na Gàidheil a’ dèanamh ealain ’s a’ togail ailtearachd. Tha iad a’ bruidhinn mu…
…the attempt by John Scotus Eriugena in the 9th century to shape linear Christian time to the circularity of pagan time… Is this the same circularity as is seen again and again in the structures of the buildings, poetry and music of the Gaels? Similarly, could the blank areas in metal and stonework correlate with the shamanic imbas forosnai of the bards and the via negativa of monastic practice? … As seeing is no neutral act but is always culturally determined, we suggest that these aesthetic structures may both reflect and mediate a particular perception of the world.
Chòrd an argamaid seo aca rium a chionn ’s gu bheil iad a’ feuchainn ri sealladh nan Gàidheal air an tìr a mhìneachadh, sealladh eadar-dhealaichte bho romansachas agus ùr-nòsachas, le eisteadaigeachd shònraichte fighte a-steach dhan cheòl, togalaichean, bàrdachd, sgeulachdan, ainmean-àite, creideamh is mar sin air adhart.
Bidh dualchasan ‘s nòsan daonnan a’ sùghadh rudan ùra, mìreanan bho tòrr àiteachan. Tha mìreanan pàganach, mìreanan Crìosdaidh, agus an-dràsta mìreanan ùr-nòsach, air a bhith gan cothlamadh ann an ont-eòlas Gàidhealach, a tha e fhèin nas motha na na mìreanan a chaidh a mheasgadh a-steach. Tha a fhèin-aithne fhèin aig dualchas Gàidhealach.
Thar na linntean, dh’fhàs an fhèin-aithne Ghàidhealach làidir ‘s cumhachdach, ach cha b’ i ach aon mhìrean eile fhathast ann an saoghal fìor chuairteach, caochlach, ‘s eadar-mheasgte. Agus a-nis, chan eil e ro fhurasta dha fèin-aithne Ghàidhealach a bhith cho daingeann ‘s a bha i.
A reir smuain an adhartais air a bheil fèill, thèid iomadh “mion-chultar” mar Saoghal na Gàidhlig à fianais ann an saoghal ùr-nòsach far am bi dìreach beagan de mhòr-chultaran ann an stàit na cruinne. A rèir smuain an adhartais eile, bidh an t-àm ri teachd loma-làn de mhòran mion-chultaran beò ri taobh a chèile. Is cinnteach an-dràsta gu bheil coltas nas fheàrr air an dàrna smuain gum mair Saoghal na Gàidhlig ann, ach chan eil fhios dè a thachras ann an dà-rìribh san àm ri teachd. Ged a bhios an saoghal nas eadar-mheasgte neo nas co-fhillte, am bi àm ri teachd na Gàidhlig glèidhte bho fhòirneart calpachais, neo fòirneart na stàite, neo fòirneart nàiseantachais, neo fòirneart nàdair? A bheil saoghal comasach ann far am bi an t-ont-eòlas Gàidhealach fhathast a’ fàs nas treasa?
Am bi Dia marbh fhathast? Am bi nàdar fo chumhachd sòisealtais? An dùisg na seann diathan? An caith sinn ar beatha air loidhne tuilleadh is tuilleadh? An leagh na ceapan-deighe agus an tèid na bailtean fodha? Am bi riaghaltasan agus corparaidean agus daoine beartach a’ dèanamh na tha iad ag iarraidh gun cheartas? Am bi dad againn ri dhèanamh ach feitheamh gus an tig na creutairean-fànais neo Là na Dunaidh?
Cha deach mo thogail leis a’ Ghàidhlig, ach bha mi air mo chuairteachadh le ainmean às a’ Ghàidhlig. ’S e Albannaich is Èireannaich a bha nam shinnsir agus aig tòrr dhaoine eile mun chuairt orm cuideachd, is bha dà chù againn nuair a bha mi òg air an tug sinn “Bran” ’s “Finn”, ’s mar sin, cha robh mi cho fada bhon a’ Ghàidhlig ged nach robh mi eòlach oirre. Ach a dh’aindeoin seo, nuair a bha mi òg bha ùidh mhòr agam anns an t-saoghal ùr-nòsach – ann an TBh, san eadar-lìon ’s geamaichean-bhideo, ann an cartùnaichean Iapanach ’s filmichean Hollywood . Cha robh ùidh agam a bhith ag èisteachd ri ceòl no clann ach ris The Wu Tang Clan! Cha robh na rudan timcheall orm cho luachmhor dhomhsa gus an robh mi na bu shine agus a’ fuireach air falbh sa bhaile mhòr. Bha mise nam chaora ann an eaglais an adhartais. Chreid mi gum biodh an t-àm ri teachd seachd uairean na b’ fheàrr na an latha an-diugh agus nach robh an latha a bh’ ann cho cudromach.
Ann an eaglais an adhartais bidh a h-uile càil a’ fàs nas fheàrr, bidh na sòisealtasan a’ fàs nas saoirsneile, bidh na cultaran a’ fàs mòr-thuigseach ‘s brìoghmhor, bidh fuasglaidhean ann airson gach duilgheadais. Bidh an t-adhartas ceart an-còmhnaidh!
Chan eil mòran dhaoine dèidheil air slighe na h-eachdraidh an-dràsta airson iomadh adhbhar. Ma chanamaid gu bheil òntan-eòlas traidiseanta ann aig a bheil beachd cuairteach air tìm agus gu bheil òntan-eòlas ùr-nòsach ann aig a bheil beachd loidhneach air tìm, a bheil e comasach smaoineachadh air tìm ann an dòigh eile? Anns an latha an-diugh chan eil sinn aona chuid traidiseanta neo ùr-nòsach, a bheil? A bheil sinn iar-nuadhach?