Sòisealtas gun Airgead-làimhe: Cò a Bhuannaicheas?
Le Donnchadh Mac Càba
Sna làithean seo, tha sinn uile cleachdte ri bhith pàigheadh le cairt no fiu ’s leis na fònaichean-làimhe againn, ach chuir e iongnadh orm aig cafaidh bheag neo-eisimeileach san Òban nuair a chunnaic mi soidhne a dh’iarr orm airgead-làimhe a chleachdadh nam b’ urrainn dhomh. B’ e rud cudromach dhan gnìomhachas-bheag sin leis gun gabhadh am banca 3% de gach tar-ghnìomh digiteach. Seo tòrr airgid dha gnìomhachasan beaga ri chall ach, aig an aon àm, cnap mòr gu h-iomlan dha na bancaichean.
Thòisich mi air smaoineachadh mu dheidhinn na ceist seo: Cò a bhuannaicheas bhon ghluasad gu sòisealtas gun airgead, agus cò nach buannaich?
Tha e follaiseach gu bheil e goireasach dhuinn mura feum sinn airgead a ghiùlan leinn fad na h-ùine agus tòrr sgillinnean a’ gliongartaich nar pòcaidean. Feumaidh sinn cairtean is eile a chleachdadh gus rudan a cheannach air-loidhne co-dhiù.
Gu dearbh, cleachdaidh iomadh duine, gu sònraichte an òigridh, fònaichean-làimhe airson gach rud a dhèanamh – uaireannan bidh iad fiu ’s a’ bruidhinn orra ri cuideigin. Ach am b’ urrainn do dhroch bhuaidh a bhith ann mura robh airgead-làimhe ri chleachdadh idir?
Ma bhios airgead air do shiubhail, faodar a ghoid bhuaibh. Ach ’s ionnan an cunnart le cairtean no fònaichean-làimhe agus tha e a’ sìor fhàs nas cumanta sna làithean seo, gu h-àraid anns na bailtean-mòra, gun tèid fònaichean a ghoid le cuideigin air rothair-dealain. ’S e rud duilich a tha sin nam biodh tòrr fiosrachaidh mud chunntas banca agus a leithid air a’ fòn agad. Is dòcha gum biodh cunnart ann bho chealg fèin-aithne. Cha mhotha a tha e furasta cùisean a chur ceart ann an suidheachadh mar sin agus iomadh facal-faire is eile ri atharrachadh. Tha tòrr feartan tèarainteachd am broinn an teicneòlais ach tha fios againn uile gu bheil hackers gu math comasach air bristeadh a-steach dha na siostaman tèarainteachd. Chaidh £1.7 billean a chall le foill a thaobh cairtean-banca agus bancaireachd air astar anns an Rìoghachd Aonaichte ann an 2024.
Do mhion-reiceadairean sna bùithtean, taighean-òsta no cafaidhean, tha buannachdan an lùib airgid dhigitich. Chan eil feum air airgead pronn a chumail san àite no bhith a’ cunntadh airgead-làimhe an aghaidh bannan-cuidhteis aig deireadh gach latha.
Gidheadh, tha gach tàr-ghnìomh a’ cosg suas ri 3.5%. A bharrachd air sin, cha nochd an t-airgead sna cunntasan-banca aca air ball idir. Faodar suas ri ceithir làithean dhol seachad gus malairt, a tha a-rèir coltais air ball, ri làimhseachadh.
’S e duilgheadas mòr a tha seo do ghnìomhachasan beaga a thaobh sruth-airgid agus prothaidean, gu sònraichte aig àm nuair a tha iad a’ feuchainn ri faighinn os cionn staing eaconamach.
Dè an roghainn eile aig gnìomhachas-beag ach prìsean àrdachadh no prothaid nas lugha a dhèanamh? Bhiodh muinntir an àite a’ fulang le prìsean nas àirde no nas lugha de thaghadh ma bhios gnìomhachasan a’ dùnadh.
A-cheana, chan eil mòran seirbhisean deònach air airgead-làimhe a ghabhail san latha an-diugh. Tha seo gu math cumanta a-nis ann am pàircean-chàraichean, ionadan saor-ùine agus bìdh air trèanaichean no ann an stèideam spòrs. Le bancaichean agus na h-innealan-airgid a th’ aca a’ dùnadh ann an iomadh àite, gu h-àraid ann an sgìrean iomallach, chan eil roghainn aig muinntir an àite agus na gnìomhachasan ionadail ach siostaman gun airgead a chleachdadh. Tha fìor dhùbhlan ann do cho-leanailteachd coimhearsnachd bho theicneolas a nì àrainneachd dhùbhlanach dha iomairtean beaga agus a bhrosnaicheas dùnadh ghoireasan ionadail leithid bancaichean agus oifisean-puist. Tha e soilleir gu bheil ar n-àrd-shràidean a’ bàsachadh gu slaodach ach gu cinnteach mar-thà.
Anns an deichead bliadhna mus do thòisich an staing eaconamach as ùire, chaidh am meud de dh’airgead-làimhe a bha air a chleachdadh an lughad gach bliadhna. Ach le staing na h-eaconamaidh, fhuair mòran dhaoine a-mach gun robh e fada na b’ fhasa dhaibh an cuid caitheamh airgid a chumail fo smachd nan cleachdadh iad airgead-làimhe bho latha gu latha seach cairtean no dòighean digiteach eile. Ann an 2022 agus 2023, chaidh an àireamh de thar-ghnìomhan tro mheadhan airgid-làimhe suas gu 20% anns na bùithtean.
Gu dearbha, ann an 2024, chaidh am meud de dh’airgead-làimhe a thairnte bho innealan-airgid aig Nationwide suas le 16% agus chaidh £1 billean a tharraing bho Oifis a’ Phuist san Dùbhlachd 2024 – an t-suim a bu mhotha a-riamh! Thèid an t-airgead sin a chleachdadh gu ionadail, a’ toirt buannachd don eaconamaidh ionadail, a’ cumail bùithtean fosgailte, sràidean-àrda dripeil trang agus, an rud as cudromaiche, a’ cumail muinntir na sgìre ag obair anns a’ choimhearsnachd aca fhèin. A thaobh choimhearsnachdan, is e airgead-làimhe an rìgh.
Gu follaiseach ma-thà, tha miann ann fhathast aig iomadh duine air airgead-làimhe a chleachdadh. A bharrachd air sin tha mòran dhaoine gun chomas air siostaman gun airgead a chleachdadh. Tha fios againn gu bheil e doirbh do sheann daoine, agus cuid le ciorraman sònraichte, teicneòlas ùr a thuigsinn. Ann an linn far an cluinn sinn tòrr mu dheidhinn “iomadachd” agus “in-ghabhaltas” nach eil e neònach gu bheil sinn a’ lùghdachadh raon de dhòighean pàighidh agus mar sin a’ dùnadh cuid às on eaconamaidh?
Feumaidh daoine cunntasan-banca fhaighinn gus pàirt a ghabhail ann an sòisealtas às aonais airgid-làimhe. Dè mu dheidhinn cuid de na daoine gun chunntasan-banca? Mar eisimpleir, chaidh draghan a thogail mu bhoireannaich a tha glacte ann an dàimhean no suidheachaidhean droch-dhìol far a bheil smachd air an cunntasan-banca mar dhòigh smachd a chumail orrasan.
Cò as motha a bhuannaicheas bhon atharrachadh seo gu sòisealtas gun airgead-làimhe stèidhichte air teicneòlas ùr ma-thà? Nach e sin cnag na cùise – ceist nan ceistean?
’S e na h-institiùdan ionmhasail, agus na gnìomhachasan mòra a thogas an teicneòlas fhèin, a tha aig cùl an atharrachaidh seo. ’S cinnteach gum bi dùil aig na bancaichean is institiùdan ionmhasail ri prothaidean furasta as urrainn dhaibh dèanamh bho gach tar-ghnìomh. Cha bhi feum aca air rud sam bith a dhèanamh ann an dà-rìreabh agus cha bhi iad a’ tabhann dreuchd dha mòran nas motha ach beagan luchd-comhairle ann an teicneòlas fiosrachaidh agus tuigse innealta bho sholaraichean teicneòlais cruinneil. Nach e prothaid gun oidhirp tha seo?
Bidh na companaidhean mòra a nì an teicneòlas a’ dèanamh prothaid nuair a reiceas iad e, agus gu sìorraidh bhon taic teicneòlach às dèidh làimhe do gach gnìomhachas san t-saoghal. Thèid na prothaidean aca gu na bancaichean mòra ann an structar co-chosmhail, prothaideach, a tha buannachdail dha càch a chèile. Nì iad na prothaidean tro sheòrsa cìse, a tha cha mhòr falaichte, às na daoine anns na coimhearsnachdan ionadail a tha a’ feuchainn ri na feumalachdan aca a shàsachadh. Air an dòigh sin, bidh luchd-maoin an t-saoghail a’ goid mòran a bharrachd dhen stòr a chruthaicheas muinntir na dùthcha.
Nach eil seo beagan amharasach a thaobh deamocrasaidh? Fad an t-siubhail, tha e coltach gu bheil na riaghaltasan toilichte gu leòr pàirt a ghabhail anns an iomairt seo. Carson a tha riaghaltasan cho taiceil dha iomairt a tha feuchainn ri airgead-làimhe a dhubhadh às? Canar cuid gur e seo deagh dhòigh stad a chur air feadhainn a tha a’ seachnadh chìsean. Ach a bheil sin buileach ceart? ‘S dòcha gum biodh buaidh air luchd-obrach a bha a’ dèanamh obair gun bhannan-cuidhteis, homers mar a chanas iad, ach chan urrainn don chafaidh bheag neo-eisimeileach tar-ghnìomhan a chumail falaichte ma tha iad a’ dol tro chobhan. Agus nach e na companaidhean mòra eadar-nàiseanta a nì a’ mhòr-chuid de sheachnadh-cìsean – tro rudan mar “prìs gluasad a-staigh”, le taic bho na bancaichean agus gnothachasan cunntasachd mòra a tha nan dearbh dhaoine a dh’iarras sòisealtas gun airgead – seach gnìomhachasan beaga no luchd-obrach àbhaisteach? Mar sin dheth, tha e gu math teagmhach gum biodh sòisealtas gun airgead a’ cur barrachd chìsean ann an làmhan riaghaltasan. Mar as àbhaist, tha e coltach gu bheil riaghaltasan a’ leantainn air na h-iarrtasan aig na companaidhean mòra agus urracha beartach na cruinne gus an cumhachd a dhìon agus an t-sluagh a chumail fo smachd.
A bharrachd air ceistean mu shaorsa roghnachaidh agus eaconamaidhean ionadail, tha iomagain ann mu dheidhinn saorsainnean catharra agus prìobhaideachd. Ann an sòisealtas gun airgead thèid gach tar-ghnìomh air feadh an t-saoghail a chlàradh. Togar ionadan-dàta mòra, gu àraid anns an Roinn-Eòrpa agus na Stàitean Aonaichte, far am bi meud mòr fiosrachaidh stòraichte. Bidh clàraidhean ann air gach tar-ghnìomh ionmhasail, agus gach gnìomh digiteach eile, fo smachd nan companaidhean mòra mar Google, Apple agus a leithid. Cleachdaidh na h-ionadan mòra seo an t-uabhas dealain, agus fuathas uisge gus na h-innealan aca a fhuarachadh. A cheana, tha còrr is 25% de dhealain ann an Èirinn air a chleachdadh leis na h-ionadan seo agus tha dùil gum bi an àireamh a’ meudachadh gu 30% mus 2030. Ge b’ e ciamar a bhios an dealan dèanta, ’s i a’ cheist mhòr am bi an iomairt seo so-sheasmhach.
Gu ruige seo, ’s ann anns na dùthchannan Nordach far a bheil an gluasad gu siostaman digiteach agus sòisealtasan gun airgead aig an ìre as àirde. Bho chionn goirid ge-tà, thòisich iad air tarraing air ais bho an dlùth-ghabhail gun cheist de theicneòlasan ùra fhad ’s a dh’fhàs bagairt cogaidh bhon Ruis. Chuir na riaghaltasan comhairle ùr ris gach dachaigh anns an t-Suain agus ann an Nirribhidh gam brosnachadh gus airgead-làimhe a chumail aig an taigh air eagal ionnsaigh sìobair leis na Ruiseanaich air na siostaman ionmhais aca.
Bho chionn goirid, fhuair an Riaghaltas ann an Nirribhidh a-mach nach robh seirbheis dhigiteach aig 600,000 neach (10% den t-sluagh) san dùthaich. Mar sin dheth, tha an riaghaltas air lagh ùr a stèidheachadh gum bi còir aig muinntir na dùthcha airgead-làimhe a chleachdadh agus feumaidh mion-reiceadairean gabhail ris. Anns an t-Suain cuideachd, tha an riaghaltas air ceum air ais a ghabhail bhon trom-ghaol a bha aige air siostaman digiteach. Ann an 2009, chuir iad às do leabhraichean agus na seann dòighean ann am foghlam agus chaidh tablaidean is an leithid a chur nan àite. Ach ann an 2022, nochd rannsachadh a sheall nach robh clann ag ionnsachadh cho math agus nach robh na h-atharrachaidhean air a bhith soirbheachail. A-nis, tha an riaghaltas a’ cosg 104 millean Iùro agus a’ feuchainn ri co-chothrom nas fheàrr eadar teicneòlas ùr agus na seann dòighean a lorg.
Nach e seo an aon rud a thaobh airgid-làimhe agus airgid dhigitich? Nach bu chòir dhuinn co-chothrom a tha freagarrach do ar coimhearsnachdan, do ar n-àrainneachd agus do ar sòisealtas a lorg?
Bidh ar coimhearsnachdan nas tèarainte, nas so-sheasmhaiche agus nas neo-eisimeilich ma bhios cothrom ann air airgead-làimhe a chleachdadh. Tha miann aig an t-sluagh air a shon. Chaidh sin a dhearbhadh le cunntasan-bheachd ann am Breatainn, agus anns na dùthchannan Lochlannach, a-rithist is a-rithist. Tha barrachd dhaoine a’ cleachdadh airgead leis gach bliadhna a thèid seachad mar thoradh air an staing eaconamach agus a’ mhiann aig mòran stad a chur air a’ ghluasad gu sòisealtas gun airgead-làimhe. Ge b’ e an e seo a chionn ’s gu bheil eagal orra ron trom-laighe Orwellian no dìreach am miann a bhith comasach air beagan airgid-làimhe a chur am broinn cairt co-là-breith chloinne, ann an tiona carthannais, no a thoirt do cheòladair air na sràidean, tha iarrtas aig an t-sluagh cothrom agus saorsa air airgead-làimhe a chleachdadh. ’S e riaghaltas treun, gòrach no deachdaireachd a dhùraigeadh stad a chur orra.