An t-seachdain sa chaidh ann an 1992, dh’eug m’ athair le greim-chridhe san ospadal ann an Dùn Dèagh. B’ ionann aois-san agus m’ aois-se an-dràsta.
Air an dearbh bhliadhna, chaidh Graeme Souness, manaidsear Liverpool, fon lannsa gus seach-chuisle trìobailte a’ chridhe fhaighinn ann an Sasainn. Mas math mo chuimhne (a bhios lapach mu na mion-phuingean uaireannan), ’s esan a’ chiad Albannach a fhuair an obair-lannsa ùr-nodha seo o Ameireagaidh, oir cha robh e ri fhaotainn an Alba ann an 1992.
B’ e cluicheadair ball-coise a bha nam athair fhìn. Chluich e air aghaidh na pàirce dha Arbroath FC aon turas co-dhiù. Tha dealbh againn san teaghlach de phrìomh-sgioba Obar Bhrothaig agus m’ athair ’na shuidhe aig cridhe na cuideachd. Chaidh a thogail sna 1960an.
Air sràid Keptie a’ bhaile, tha gruagaire ann, The Lichtie Hairdresser, don deach mi airson cliop an-uiridh a tha a’ taisbeanadh am miadh agus am moit à Arbroath FC le dealbhan eachdraidheil na sgioba a’ còmhdachadh nam ballachan. Ged a thug mi sùil gheur orra fhad ’s a bha mi anns a’ bhùth, chan fhaca mi dealbh na sgioba le m’ athair ann. Cha b’ iongnadh sin, oir chan fhada a chluich e dhaibh mus do reubadh luighean ’na iosgaid, agus b’ e deireadh an sgeòil dha an sin. Bha e ’na chunntasair-cairte ann an Obar Bhrothaig nuair a bha mise ’s mo bhràithrean a’ fàs suas ann am Port Bhrothaig, Dùn Dè.
Rugadh m’ athair dha Winnie, 16 bliadhna a dh’aois às a’ Mhaoirne, Siorrachd Obar Dheathain an-diugh, agus chaidh uchd-mhacachd le antaidh ’s an duine aice-se. Ach dh’fhiosraich mi o chionn goirid gur e Eadailteach a bha na athair-san. Prìosanach cogaidh a bh’ ann à campa Northill faisg air Coinmheadh (Laurencekirk).
Nise, seo far a bheil annas eachdraidh ga leigeil ris. Dè an t-annas dheth? ─ Gun robh aon seanair agam nach b’ aithne dhomh na phrìosanach Eadailteach a’ fuireach ann an Alba tron Chogadh, agus seanair eile air an robh mi eòlach, na shaighdear san aon chogadh a’ sabaid san Eadailt fhèin. Thug athair mo mhàthar, à Dùthaich MhicAoidh (Achbharasdal), seirbheis ann an rèisimeid Ghàidhealach san Dàrna Cogadh, agus chaidh a leòn ’na chas san Eadailt. Thill e dhachaigh, agus dh’obraich e ’na chìobair air oighreachd Fhlicheataidh, Srath Narann, le a bhean (à Siabstar, D.MacAoidh) mus robh iad a’ tàmh ann am Baile Dhubhthaich agus mus do chaith iad an còrr de an làithean air chluaineas ann an Inbhir Pheofharain.
Flicheataidh, Srath Narann is coin-chaorach mo sheanar
Ach a bharrachd air an sgeul teaghlaich seo, tha eachdraidh nam prìosanach cogaidh ann an Alba glè inntinneach. ’S dòcha gun cuala sibh mun chaibeal a thog buidheann de phrìosanaich Eadailteach (le cuideachadh còrr is mìle eile) ann an Arcaibh? Ma sheallar air làraichean-lìn baile Choinmheidh agus ma rannsaichear ann an inneal-luirg Google no eile, nochdaidh fiosrachadh mu na campaichean is uaireannan càirdeas a dh’èirich eadar prìosanaich Eadailteach is tuathanaich Albannach feadh a’ chogaidh. Gheibhear deagh artaigil ann an Courier Dhùn Dè mu dheidhinn Campa Northhill on t-Samhain, 2020 le Gayle Ritchie.