Disathairne a dh’fhalbh, laigh mo shùil air fios-sanais gum biodh na Tannahill Weavers a’ cluich aig Ionad-ealain Phàislig (Paisley Arts Centre) air an oidhche sin fhèin.
Bha beagan eòlais agam orra roimhe, ’s dòcha bho CDan a cheannaich mi nam òige san robh port no dhà aca ann an co-chruinneachadh de cheòl Albannach is Èireannach eile.
Chan eil fhios nach do dhrùidh iad orm an uair ud, oir rinn mi airson suidheachan a ghlacadh sa bhad, rud nach bi mi dualtach dèanamh ma chì mi cuirm-chiùil a thèid a sanasachadh greis ro làimh.
Aig toiseach na h-oidhche, thog mi orm gu ruige an t-ionad agus mi a’ snaigheadh na h-uarach nuair a ràinig mi. Dìreach a dhà no trì mionaidean, is chaidh mo threòrachadh gu m’ àite-suidhe gu sgiobalta.
San Auditorium seasgair seo, bha rùm gu leòr ann mo sheacaid a chàradh fom chasan, agus mo leigeil fhèin nam shìneadh rud beag sa chathair. Sochair nan sochairean. Chòrd sin rium glan. Tha Comhairle Rinn Friù air leasachadh a chur ris an ionad seo, chan eil fada bhuaithe, agus tha a bhlàth ’s a bhuil air.
Ged a tha na Tannahill Weavers fìor aithnichte, dh’ionnsaich mise corra rud man deidhinn a bu toigh leam aithris an seo.
- Tha ceathrar ann an-diugh, ach dithis dhiubh a bha ann nuair a stèidhich iad an còmhlan ann am Pàislig an 1968 . Roy Gullane is Phil Smillie.
- An-dràsta, ’s e Malcolm Bushby agus Iain Dòmhnall MacGille Bhràigh an dithis eile.
- Seinnidh Iain MacGille Bhràigh pìob-mhòr a chluich bràthair-sheanar (no sheanmhar?) dha, Donald Patterson, aig Blàr an t-Somme le rèiseamaid nan Camshronach. Chaidh a mharbhadh an sin agus fhuair iad a’ phìob-mhòr air ais air a gànrachadh le fuil is tuill sa mhàla, mus deach a chàradh ’na dhèidh.
Cha ruig mi leas a ràdh gun do thaitinn a’ chuirm gu mòr ris a h-uile duine a bha san èisteachd. Bha amannan ann a dh’fhairich mi bhith air mo shiabadh a-null ’s a-nall leis cho siùbhlach brèagha ’s a bha cluich nan ceathrar. An fhidheall, an giotàr, am feadan no an fhìdeag, am bódhran agus a’ phìob-mhòr a thug spionnadh is neart a bharrachd do na h-innealan eile, gun bhriseadh air a’ cho-sheirm. Pòsadh ciùil rèidh.
Eadar na puirt ’s na h-òrain, chùm Roy Gullane dibhearsan rinn le chuid bhriathran eirmseach, amasach is seanchas taitneach eile – deagh dhòigh-lasachaidh. Dh’aithnich mi gu bheil liut aige air na naidheachdan. Fear iriosal is eagnaidh, agus ealamh ’na lìbhrigeadh.
An dèidh na cuirm, cheannaich mi dà chlàr: Òrach a chomharraich 50 ceann-bhliadhna nan Weavers an 2018, agus Solstice (2024), clàr ionnsramaideach, ged a tha piuthar Iain MhicGilleBhràigh a’ gabhail puirt-à-beul an lùib dà thraca, traca a h-aon ’s a sia.
Le Steaphan Mac Risnidh