A thaobh dràma no film Gàidhlig, ’s mi a’ leughadh cinn-naidheachd mu ’An t-Eilean’, tha e coltach nach cuimhnich na meadhanan Beurla mòran nas fhaide air ais na an-dràsta.
Coltach ri àibheiseachadh na h-aimsir, far a bheil gach stoirm mhòr na bliadhna mar “an doineann as motha a bh’ ann riamh”, ’s e seo a’ chiad dràma Gàidhlig ‘high-end’ a bh’ ann o thoiseach chlàraidhean ann an linn crochadh nan con – mas fhìor!
Ge dè tha “high-end” a’ ciallachadh – leòmach? Tha sùil mo chuimhne-sa air Gruth is Uachdar far an robh fìor dheagh Ghàidhlig, sàr-chnàimh-sgeòil, sgriobt air leth, cleasaichean gleusta, seallaidhean camara is deasachadh a bha teòma, agus còmhraidhean Gàidhlig nàdarra airson an t-suidheachaidh. A thuilleadh air sin, chuir an co-theacsa cultarail eòlach sinn air seann-nòsan a tha prìseil, leithid an rèitich mhòir.
Am feum sinn gabhail ris nach e rud ‘high-end’ a bha sin? Chionn ’s nach robh iad struidheil leis a’ bhuidseat aca? Cha chreid mi nach robh deagh chnap airgid air a chosg cuideachd, agus an rud a bu chudromaiche, cha do chaomhain iad air Gàidhlig shiùbhlach a nochdadh dhuinn air fheadh.
A chòrr air Gruth is Uachdar, dè mu dheidhinn An Ceasnachadh, no Seachd-Am Binnean Do-ruigsinneach, Às an Eilean, agus gu leòr eile?
Mar a thuirt Seòras ‘am pìos’ Galloway ri eas-caraidean Sky News, “Feuch ri cuimhne còrr is 3 seachdainean a bhith agaibh!”
Bha Galloway a’ bruidhinn air an Ear-mheadhan ach ’s e deagh chomhairle a tha sin don luchd-naidheachd dhìochuimhneach againn.
Feuch gun dearmad a dhèanamh air rudan ann an saoghal na Gàidhlig nas fhaide bhuat na bàrr do shròin – an suarach leotha na chaidh a choileanadh cheana leis na daoine a thàinig romhainn anns an raon seo?
Choimhead mi air ‘An t-Eilean’ agus chòrd an dà eapasòd rium sa mhòr-chuid dheth, ach bha nithean cudromach ann a dh’fhàg caran searbh mi.
Ro thric, rinn cion loinn air a’ Ghàidhlig gun robh brìgh air chall, agus dh’fhairtlich air seallaidhean àraidh a bhith so-chreidsinn uile gu lèir.
Bha na caipseanan Beurla a’ brùchdadh air mo fhradharc gun chuireadh ’s gun iarraidh.
A dh’aindeoin sin, chùm na h-actairean cùisean a’ ruith gu rèidh le deagh chleasachd ’s deagh Ghàidhlig agus tha adhbhar ann a bhith dòchasach mu na tha ri thighinn.
Leis “An Deireag”.
