Latha brèagha, grianach agus bha mi nam shuidhe taobh a-muigh cafaidh anns a’ phàirc a’ bruidhinn ri boireannach òg, (uill tha iad uile òg an coimeas riumsa co-dhiù), a bha na suidhe aig an aon bhòrd a’ feitheamh air a caraid. Bha còmhradh aotrom a’ dol eadarainn gus an do mhothaich mi tatù air a gàirdean – ANAM – ann an litrichean mòra. Mar sin dheth, thuirt mi rithe “a bheil Gàidhlig agad leis an tatù sin a th’ ort?” Ach mar bu dual, cha robh facal Gàidhlig eile aice idir. An uair sin, thòisich sinn air bruidhinn mu chànanan mar Ghàidhlig is Albais agus cho cudromach ’s a tha iad mus do ràinig a caraid agus a dh’fhàg iad.
Beagan làithean às dèidh sin agus fhuaras fiosrachadh bhon a’ chunntas-sluaigh leis na h-àireamhan de dhaoine a tha comasach anns a’ Ghàidhlig. Agus abair deagh naidheachd a bh’ ann a thaobh na Gàidhlig ann an Dùn Dèagh far a bheil mi fhìn a’ fuireach. Thuirt 520 a bharrachd dhaoine ann an Dùn Dèagh gun robh iad comasach air a’ Ghàidhlig a bhruidhinn. Dh’èirich an àireamh bho 470 ann an 2011 gu 990 – àrdachadh de 110%.
Bho sgrùdadh air na figearan bha e follaiseach gur ann am measg daoine eadar 18 is 34 far a bheil na h-àireamhan as motha – aig ìre 45% de Ghàidheil Dhùn Dèagh gu lèir. Cha do chuir sin iongnadh mòr ormsa air sgàth ’s gu bheil còrr is letheach de na daoine a thig dhan bhuidheann còmhraidh againn nam ficheadan agus ’s e rud math a tha sin, ’s iad cho beòthail is èasgaidh. Ach chan eil annta ach dòrlach dhe na ceithir ceud a bh’ air an cunntas-sluaigh ge-tà. Càit a bheil an còrr?
‘S dòcha nach eil mòran fhaclan Gàidhlig aca idir no gu bheil iad gun mhisneachd gu leòr a bhith bruidhinn ri càch. ’S dòcha nach eil fios aca mu na tachartasan againn. ’S dòcha gu bheil iad toilichte a bhith a’ brùthadh phutain air na fònaichean-làimhe aca a’ dèanamh Duolingo no a leithid. Cò aig tha fios? Ach dè feum a tha e dìreach a bhith a’ bruidhinn Gàidhlig riut fhèin no ris an aplacaid? Chan eil sin a togail coimhearsnachdan no a’ cumail ar cànan beò anns an dòigh cheart no nàdarra no fìor. Nach eil sin dìreach mar eacarsaich na h-inntinn gun mòran feum anns an t-saoghal taobh a-muigh?
A rèir a’ chunntais, ’s ann sna bailtean mòra agus timcheall orra a tha a’ mhòr-cuid de na Gàidheil a’ fuireach na làithean seo agus tha e cho cudromach ’s a ghabhas gu bheil àiteachan ann far am faod duine sam bith a dhol gus ar cànan a chleachdadh ann an iomadh dòigh bho chlasaichean is cafaidhean is cabadaich gu cèilidhean is consairtean is còisirean – Cultarlann, mar gum b’ eadh. Àiteachan far a bheil a’ Ghàidhlig mar phrìomh chànan – far a bheil a’ Bheurla cha mhòr toirmisgte. Tha iomairt air tòiseachadh ann an Dùn Èideann gus rudeigin mar seo a chur air dòigh mar a tha a’ choimhearsnachd Gàidhlig ann an Inbhir Nis air dèanamh.
Tha mi creidsinn gu bheil a’ Ghàidhlig fasanta gu ìre an-dràsta am measg na h-òigridh. Bho tatùthan gu Niteworks is Valtos tha a’ Ghàidhlig air am beulaibh. Feumaidh sinn greimeachadh air a’ chothrom seo mar bhrosnachadh do ghinealach ùr air ar cànan ionnsachadh agus, an rud as cudromaiche, a chleachdadh.
Le Donnchadh MacCàba