B’ ann aig àm nam fuadaichean a dh’fhàg cuid de mo shinnsearan fhèin Siorrachd Pheairt an-Iar, a’ toirt leotha an cuid Gàidhlig na sgìre. Agus, gu mì-fhortanach, chrìon an cànan san teaghlach thar nan ginealaichean anns na bailtean mòra. Mar a tha fios againn uile, bha an sgeulachd seo gu math cumanta air feadh Siorrachd Pheairt agus na Gàidhealtachd gu lèir.
San latha an-diugh, chan eil dualchainnt Pheairt ri cluinntinn leis gun do shiubhail an tè mu dheireadh aig an robh i bho chionn beagan bhliadhnaichean. Tha clàraidhean rim faotainn air Tobar an Dualchais ge-tà mar thoradh air an obair a rinn Sgoil Eòlais na h-Alba anns na bliadhnaichean a dh’fhalbh agus tha iad baileach* prìseil.
Ach, ’s e an sgrùdadh mionaideach a rinn an t-Ollamh Máirtín Ó Murchú a thug am fiosrachadh as motha mu dheidhinn dualchainntean an Siorrachd Pheairt, a’ sealltainn dhuinn na rudan a bha eadar-dhealaichte ann an taobh an ear na sgìre an coimeas ris an taobh an iar.
Mar sin, bha e duilich cluinntinn gun do chrìoch* an gaisgeach seo anns an Fhaoilleach am-bliadhna. Dh’fhoillsich e dà leabhar shònraichte a thaobh dualchainnt Pheairt (East Perthshire Gaelic: Social History, Phonology, Texts and Lexicon (1989) agus (West Perthshire Gaelic ann an 2021) ri linn sàr-obair rannsachaidh anns an sgìre fhèin a’ bruidhinn ris na daoine a bha murrach* air a’ chànan anns na seasgadan agus na seachdadan.
Nach sinne a tha fortanach gun do rinn e an obair chudromach sin aig a cheart àm ’s a bha an dualchainnt fhathast ann. Bidh sinn fada na chomain air a shon.
Ar dheis Dè go raibh a anam.
Le Donnachadh MacCàba
[Chuir deasaiche An Deireag na faclan Peairteach seo shìos ri aiste Dhonnchaidh son blas beag a thoirt dhuibh.]
*baileach, glè mar a tha baileach (buileach) math, glè mhath
*murrach air: comasach air
*chrìoch: dh’eug, bhàsaich