Tha iongnadh mòr orm a liuthad dhaoine tàlantach air feadh an t-saoghail aig a bheil ùidh ann an Gàidhlig.
Air sgàth nan ceistean aca, tha e daonnan na shùileachan dhomh na tha ri foghlam mu dheidhinn Alba mar tìr agus na mhasladh dhomh m’ aineolas air iom-fhillteachd cultair is eachdraidh dùthaich anns an robh dualchas nan Gàidheal luaidhte o shean chun an ama a tha an làthair.
Aig an dearbh àm, ’s mòr m’ àmhghair nach eil tromlach den t-sluagh an Alba eòlach air na gnothaichean a bu mhotha a thug an nàisean seo gu bith, agus gu bheil guthan nan aineolach cho àrd an taca ris na guthan sèimh socair a tha comasach air mion-fhios a thoirt dhuinn air na cuspairean bunaiteach a tha nam màthair-adhbhar dhuinne a bhith beò san latha an-diugh agus a bhith bruidhinn air dùthaich is ranntair ris an abrar, Alba.
‘S mithich dhuinn a-nise bhith gluasad air adhart agus a’ sealltainn romhainn gu àm ri teachd a thèid a shnaigheadh às na clachan-buinn a dh’fhàgar againn le gràdh nan dìcheallach a thàinig romhainn.
Alba nan Gàidheal is nan Gall gu bràth.
Le “An Deireag“