Alba iom-fhillte

Tha iongnadh mòr orm a liuthad dhaoine tàlantach air feadh an t-saoghail aig a bheil ùidh ann an Gàidhlig.

Air sgàth nan ceistean aca, tha e daonnan na shùileachan dhomh na tha ri foghlam mu dheidhinn Alba mar tìr agus na mhasladh dhomh m’ aineolas air iom-fhillteachd cultair is eachdraidh dùthaich anns an robh dualchas nan Gàidheal luaidhte o shean chun an ama a tha an làthair.

Aig an dearbh àm, ’s mòr m’ àmhghair nach eil tromlach den t-sluagh an Alba eòlach air na gnothaichean a bu mhotha a thug an nàisean seo gu bith, agus gu bheil guthan nan aineolach cho àrd an taca ris na guthan sèimh socair a tha comasach air mion-fhios a thoirt dhuinn air na cuspairean bunaiteach a tha nam màthair-adhbhar dhuinne a bhith beò san latha an-diugh agus a bhith bruidhinn air dùthaich is ranntair ris an abrar, Alba.

‘S mithich dhuinn a-nise bhith gluasad air adhart agus a’ sealltainn romhainn gu àm ri teachd a thèid a shnaigheadh às na clachan-buinn a dh’fhàgar againn le gràdh nan dìcheallach a thàinig romhainn.

Alba nan Gàidheal is nan Gall gu bràth.

Le “An Deireag


Aon fhreagairt ri “Alba iom-fhillte”

  1. Haidh a Stefan! Tha mi den aon bhechd ‘s tha mi a’ lorg an aon rud ri muinntir-ionnsachaidh Eabhruidheach a’ Bhìobail. Tha mi air ionnsachadh na cànain gu ruige seo airson bliadhna gu leth (de chùrsa fad ceithir bliadhna). Thig na h-oileanaich sna chlasichean agam (a thachras air-loidhe) air fad an t-saoghail. Chan e a’chànan a-mhàin sa tha sinn ag ionnsachadh, ach eachdraidh agus cultar Israel a bhuanas ris an tuigse againn air feallsanachd, siostaman creideis agus cruinn-eòlais a’ Bhiobail.

    Tha na clasaichean a’chòrdadh ruim gu mòr, ach feumaidh mi aideachadh nach eil e cho furasda ionnsachadh cànan ùr bhon fhìor thoiseach. Gu h-araidh nuair a bhios na ceallan glasa agams’ a’ dol à bith tòrr na bu luaithe na b’ urrainn dhomh briathrachas agus gràmar ùr ionnsachadh.
    Co-dhiù bha e math leughadh is sgrìobhadh beagan Gàidhlig airson a’ chiad triop ann co-dhiù ann an deich bliadhna.

    Gach beannachd leat is mòran gaoil cuideachd.

    *****Feuch nach foillsich thu mo sheòladh post-d ÙR PEARSANTA . m.e.d.t.e., ach cùm ann a touch rium leis.

    le ceud taing

    p.d. Tha mi’n dòchas nach long tù an ùiread de mhearchdan an seo ach mar a chi thu chan eil mi air mo chuid Ghàidhlig a chleachdadh on a chunna mi thu ann a John Lewis. Chan eil mi air m’ àireamh fòn atharrachadh on a bha sinne ri chèile aig SMO!! Ach mura h-eil e fhathast agad, sgrìobh thugam leis an seòladh puist-d seo is chumaidh anns am fìos leat-fhein!!!! X

    *****

    'S toil

Sgrìobh beachd