Le Donnchadh MacCàba
Tha cuimhne agam, gu ìre, air a’ chiad gheama buill-coise a chunnaic mi nam bheatha bho chionn 58 bliadhna. Aig Pàirc Tannadice, eadar Dùn Dèagh Aonaichte agus an sgioba Celtic a bhuannaich Cuach na h-Eòrpa dìreach trì mìosan na bu tràithe, cha mhòr chun an latha.
A’ cluich air an latha sin bha ainmean cliùiteach mar Jimmy ‘Jinky’ Johnstone, Billy McNeill, Bobby Murdoch agus a leithid, a bharrachd air Davie Wilson agus gaisgich ionadail mar Donald Mackay is Dennis Gillespie. Cha mhòr nach robh gach cluicheadair air a’ phàirc nan Albannaich ach Mogens Berg às an Danmhairg.
A-raoir, chaidh mi gu Tannadice a-rithist (bha mi ann bho àm gu àm thar nam bliadhnachan cuideachd) gus an sgioba ùr aig Dùn Dèagh Aonaichte fhaicinn agus cha do thòisich fiù ’s aon Albannach an geama. Bha cluicheadairean ann bho cha mhòr gach dùthaich anns an Roinn-Eòrpa agus nas fhaide air falbh le lèine tangerine umpa ach à Alba fhèin.
Chan ann gu bheil an suidheachadh seo dìreach a’ tachairt ann an Dùn Dèagh. Tha e a’ fàs nas cumanta air feadh na dùthcha. Thoir sùil air na sgiobaidhean aig Celtic agus Rangers gu h-àraidh, ach aig Obar Dheathain is St Mirren is eile, far a bheil cluicheadairean à dùthchannan cèin sa mhòr chuid. Dè seòrsa cothroim a gheibh na cluicheadairean òga ionadail a tha nan suidhe air a’ bheinge a’ feitheamh gus beagan mhionaidean air a’ phàirc fhaighinn– ma bhios iad fortanach?
Agus gu dearbh ’s e glè bheag de mhionaidean air a’ phàirc a fhuair cluicheadairean òga anns gach sgioba ann an Alba thar nan sèasanan mu dheireadh. Dè math “acadamaidhean” a chur air bhonn mur eil iad airson an òigridh a chleachdadh aig a’ cheann thall? Nach eil na cluicheadairean òga math gu leòr? Ach mas e sin a’ chùis, cò as coireach air a shon. Dè tha ceàrr leis an trèanadh a tha dol ann an Alba san latha an diugh?
Nuair a bha sgiobaidhean à Alba soirbheachail ann am farpaisean Eòrpach – Celtic 1967, Rangers 1972, Obar Dheathain 1983 – cha robh fiù ’s aon chluicheadair ann nach do bhuin dar dùthaich. Nuair a ràinig Dùn Dèagh Aonaichte a’ chuairt-dheireannach de Chuach UEFA ann an 1987, bhuineadh an sgioba gu lèir do dh’Alba le cuid mar Dave Narey agus John Holt à Dùn Dèagh fhèin.
A bharrachd air sin bha tòrr dhuibh air cluich còmhla fad bhliadhnaichean. Mar a thuirt Paul ‘An Cluasaire’ Sturrock, a rugadh ann an Siorrachd Obar Dheathain, uair: “ I didn’t want to go to Barcelona. I was happy just playing football with my mates.” Nach eil sin cho cudromach ’s a ghabhas? Dìreach a bhith a’ cluich le do charaidean agus gu bheil dàimh làidir ann. Agus nach robh an dàimh eatarra agus leis an luchd-taic, a bha air neartachadh thar ùine, aon de na rudan a rinn an sgioba sin, agus na sgiobaidhean soirbheachail eile, cho math?
B’àbhaist do Dhùn Dèagh Aonaichte a bhith ainmeil airson cluicheadairean òga a leasachadh gus cothroman a bhith aca a chluiche aig àrd ìre. Dè thachair? An do chaill sinn ar rathad uaireigin agus gu bheil an siostam trèanaidh ’s leasachaidh fada nas fheàrr ann an dùthchannan eile a-nis? ’S e suidheachadh dùbhlanach a tha seo airson ball-coise ann an Alba leis gum bi ar “co-efficient” ann am farpaisean Eòrpach a lùghdachadh agus gainnead dar n-òigridh a’ cluiche aig an ìre sin. Bidh droch bhuaidh air an sgioba nàiseanta cuideachd. Cha bhi an t-àm ri teachd a’ coimhead cho math mura tachair atharrachaidhean mòra ann an saoghal ball-coise na h-Alba.
Thoir Cothrom na Fèinne dar n-Òigridh
Iar-bheachd leis An Deireag
Luaidh Alex Fearghasdan air an luach a bh’ ann an cluicheadairean òga nuair a thuirt e: “Cha bhuannaich thu sgath às aonais na h-òigridh.” Anns an sgioba a thòisich airson Obar Dheathain an aghaidh Real Madrid ann an cuairt-dheireannach Cuach Buannaichean nan Cuachan Eòrpach, b’ e 24.9 an aois chuibheasach. Cha robh Jim Hewitt ach 20 bliadhn’ a dh’aois nuair a thàinig e far na beinge a chur an tadhail bhuadhmhoir d’ a mhanaidsear ’s do dh’Obar Dheathain. Cha b’ e co-thuiteamas a bha seo idir, b’ e feallsanachd a’ mhanaidseir a bh’ ann a chùm e ris ’na dhreuchd o thùs gu èis. Mar a thuirt Matt Busby, “Ma tha iad math gu leòr, tha iad abaich gu leòr”.
’S e cnag na cùise an t-àm ri teachd ann an saoghal ball-coise na h-Alba. Chan eil mi an aghaidh deagh chluicheadairean à dùthchannan cèine, an fheadhainn as òige no nas sine, a thoirt a-nall an-seo. Tha e na thlachd diofar nòsan-cluiche fhaicinn air a’ phàirc, ged a dh’fheumas sgioba sam bith co-chòrdadh eadar na buill gus soirbheachadh. A-rèir Jim Goodwin fhèin ge-tà, cha do rinn Dundee Utd fiùs oidhirp air mòran Albannaich fhastadh air tàilleabh cosgais is na gheibheadh iad airson an airgid an coimeas ris a’ mhargadh thall thairis. B’ e a’ bhuil air seo nach do thòisich eadhon aon Albannach sa phrìomh-sgioba air a’ chiad gheama dhen t-sèasan ùr.
Chan e rud ùr a tha seo, ach bha riaghailtean Eòrpach ann roimhe a chuibhricheadh an àireamh de chèinich a bhiodh ceadaichte ann am prìomh sgiobannan. Thug seo cothrom na Fèinne do chluicheadairean tighinn tro na siostaman òigridh aig na clubaichean. Nach bu chòir do na Comainn Bhuill-choise againn cudrom a leigeil air seo agus riaghailt choltach a chur an sàs a-rithist?
Seallamaid air Club Brugges a chuir an spùt à Rangers o chionn goirid. Ged a tha an sgioba air a bhreacadh le sàr-thàlantaich à dùthchannan eile, tha bun-stèidh is mòr-chuid Bheilgeach ann. Saoil an tàinig na Beilgich san sgioba tro acadamaidhean ball-coise na dùthcha?
Co-dhiù, chan eil dad air atharrachadh thuige seo aig Dundee Utd. Cha robh Albannach sam bith san sgioba Disathairne seo chaidh an aghaidh Hibernian, ach a-mhàin airson 8 mionaidean (Sibbald) aig deireadh a’ gheama. Chan eil sgeul air na cluicheadairean ionadail òga idir ach dithis no triùir nan suidhe air a’ bheinge.
A-mach o Rangers agus Celtic, cha robh clubaichean Albannach ann an sgeir airgid a-riamh. Nam biodh riaghailt ann gum feumadh leth-chuid de gach prìomh-sgioba a bhith dèanta suas de chluicheadairean air an àrach san dùthaich seo fhèin, dh’fhaodadh e bhith na bhuannachd mhòr do na clubaichean, don luchd-amharc agus don sgioba nàiseanta san àm ri teachd.

Aon fhreagairt ri “Sgioba de Strainnsearan”
I agree, it is a point I have been making for sometime. My conclusions as to why broaden to include the attitude towards our own young people shown by the people running and managing the clubs. They don’t fell a responsibility there. It is short term, results dominated environment. With less Scots running and managing the clubs. Why should they feel a connection? Particularly in this extreme liberal, out for no.1 environment where humanity is reduced to the level of raw materials. You are right to feel worried I think. Our young players have proved they are good enough, they are playing all around Europe now.
'S toil'S toil